Pròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhatair

The Carmichael Watson Project

Postcard of Alexander and Mary Frances Carmichael at Clenamacrie, Argyllshire.

Tha Cruinneachadh MhicGilleMhìcheil MhicBhatair ann an Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann stèidhichte air pàipearan an t-sàr bheul-aithrisiche adhartaich Alasdair MacGilleMhìcheil (1832–1912). Anns an dùthaich air fad, chan eil a shamhail ann: ciste-ionmhais dualchas nan Gàidheal, eadar sgeulachdan, bàrdachd, òrain, creideasan, agus cleachdaidhean an t-sluaigh. Bheir e dhuinn seallaidhean drùidhteach air cruthachadh Carmina Gadelica, co-chruinneachadh de dh'òrthachan, laoidhean, agus òrain, saothair-beatha MhicGilleMhìcheil agus bonn-stèidh iomairt na 'Camhanaich Ceiltich'.

Tha an cruinneachadh luachmhor ann an roinnean eile seach litreachas a-mhàin. Bheir e araon do choimhearsnachdan ionadail agus sgoilearach cothroman co-obrachaidh, a' rannsachadh agus ag ionnsachadh còmhla ann an eachdraidh, diadhachd, sgrùdadh-litreachais, eòlas-chànan, ainmean-àite, airceòlas, bith-eòlas, agus sgrùdadh-àrainneachd.

Tro obair clàraidh, comharraidh, tar-sgrìobhaidh, eadar-theangachaidh, ditseataidh, agus glèidhidh, tha e 's an amharc aig a' phròiseact an cruinneachadh barraichte seo fhosgladh agus a chraoladh an dà chuid do mhuinntir an oilthigh agus don mhòr-shluagh.


Alexander Archibald Carmichael