Trioblaidean leis an Làmh-sgrìobhadh
Chì thu an seo eisimpleirean de na trioblaidean eadar-dhealaichte ann an stoidhle-sgrìobhaidh Alasdair MhicGilleMhìcheil agus anns an stuth-clàraidh a chleachdas e (pàipear, inc, agus msaa), a bhios a' dèanamh dragh don rannsaiche. 'Nam measg tha sgrìobhadh air fiaradh, agus smàlan air an duilleig. Airson coimeis, chaidh eisimpleir 'fhurasda' a chur 'nan lùib.
- Sgrìobhadh air fiaradh
- Smàlan bho shnighe-mhònach a' tuiteam a-nuas bho mhullach taigh-dubh
- A' sgrìobhadh aig astar ann am peannsail
- An ìre mhath so-leughaidh: 's dòcha tar-sgrìobhadh nas anmoiche
Sgrìobhadh air fiaradh

Air an toirt bho: CW150


